OpenOffice 4.1.7 ReadMe

Airson an tionndadh as ùire dhen fhaidhle readme, thoir sùil air http://www.openoffice.org/welcome/readme.html

Tha fiosrachadh cudromach mun phrògram seo san fhaidhle seo. Feuch is leugh e gu cùramach mus tòisich thu air a chleachdadh.

Bu mhath le coimhearsnachd Apache OpenOffice (a tha an urra ri leasachadh a' bhathar seo) cuireadh a thoirt dhut pàirt a ghabhail mar bhall na coimhearsnachd. Mar chleachdaiche ùr de OpenOffice, gheibh thu fiosrachadh cudromach air an làrach againn an-seo http://openoffice.apache.org

Feuch is leugh na h-earrannan gu h-ìosal cuideachd mu chom-pàirteachas ann am pròiseact Apache OpenOffice.

A bheil OpenOffice saor an-asgaidh airson a h-uile duine gu dearbh?

Tha OpenOffice saor an-asgaidh airson a h-uile duine. Tha cead agad an lethbhreac seo de OpenOffice a stàladh airson uiread a choimpiutairean a thogras tu agus a chum rud sam bith a thogras tu (a' gabhail a-steach cleachdadh malairteach, riaghaltais, rianachd phoblach agus oideachais). Thoir sùil air teacsa a' cheadachais a fhuair thu an cois OpenOffice airson barrachd fiosrachaidh no http://www.openoffice.org/license.html

Carson a tha OpenOffice saor an-asgaidh airson a h-uile duine?

Tha an lethbhreac seo de OpenOffice saor an-asgaidh dhut a chionn 's gun d' fhuair e taic dealbhaidh, deuchainnidh, eadar-theangachaidh, clàraidh, airgid is margaideachd o iomadh duine agus luchd-urrais corporra - a chuidich leinn air iomadh dòigh eile cuideachd - gus OpenOffice a thoirt gu buil agus 's e am bathar-bog le còd saor airson na h-oifis a tha air thoiseach air càch a tha ann an-diugh.

Ma tha thu airson taic a chumail ri Apache OpenOffice nach gabh thu làimh ann? Faic http://openoffice.apache.org/get-involved.html airson fiosrachadh a thaobh nan rudan as urrainn dhut dèanamh no http://www.apache.org/foundation/contributing.html a thaobh thabhartasan airgid. 'S urrainn dhan a h-uile duine beagan a dhèanamh.

Nòtaichean stàlaidh

Feumaidh OpenOffice tionndadh ùr de JAVA mus obraich e gu tur; gheibhear JAVA o http://java.com.

Comasan an t-siostaim air a bheil feum

Tha iomadh distro de Linux ann agus tha diofar roghainnean ann fiù am broinn an dearbh distro (KDE vs Gnome is mar sin air adhart). Thig cuid dhe na distros le tionndadh de OpenOffice 'nam broinn agus faodaidh gum bi feartan eile ri làimh ann an coimheas ris an tionndadh de OpenOffice againne. 'S urrainn dhut OpenOffice na coimhearsnachd seo a stàladh ri taobh an fhir "native" uaireannan. Ach mar is trice, b' fheairrde dhut an tionndadh "native" a thoirt air falbh mus stàlaich thu tionndadh na coimhearsnachd sep. Thoir sùil air an treòrachadh a fhuair thu leis an distro agad airson faighinn a-mach mar a nì thu sin.

Molar gun dèan thu lethbhreac-glèidhidh dhen t-siostam agad mus doir thu air falbh no mus stàlaich thu bathar-bog.

Dèan cinnteach gu bheil cuimhne shaor gu leòr agad san eòlaire sealach agad agus gu bheil cead leughaidh, sgrìobhaidh is ruith ann mar bu chòir. Dùin gach prògram eile mus tòisich thu air an stàladh.

Duilgheadasan rè tòiseachadh a' phrògraim

Ma bhios trioblaid agad OpenOffice a chur gu dol (gu h-àraidh le Gnome) dèan 'unset' air caochladair àrainneachd SESSION_MANAGER am broinn an shell a chleachdas tu gus OpenOffice a chur gu dol. Ma chuireas tu an loidhne "unset SESSION_MANAGER" ri toiseadh sgriobt soffice shell ann an eòlaire "[office folder]/program", thèid agad air seo a dhèanamh.

Ma bhios duilgheadas ann le tòiseachadh OpenOffice (m.e. reòthadh de dh'aplacaidean) no duilgheadasan le taisbeanadh na sgrìn, 's e draibhear na cairt ghrafaigeach a dh'adhbharaicheas gu tric. Ma thachras seo, ùraich draibhear na cairt ghrafaigeach agad no feuch an draibhear a fhuair thu leis an t-siostam obrachaidh agad. Ma bhios duilgheadas ann le sealltainn de dh'oibseactan 3D, gheibhear fuasgladh air seo gu tric le bhith a' cur à comas "Cleachd OpenGL" fo "Innealan- Roghainnean - OpenOffice - Sealladh - Sealladh 3D".

Iuchraichean nan ath-ghoiridean

Chan urrainn dhut iuchraichean ath-ghoiridean (sreathan sònraichte de dh'iuchraichean) a chleachdadh ann an OpenOffice ach an fheadhainn nach eil an siostam obrachaidh a' cleachdadh. Mur eil ath-ghoirid ann an OpenOffice ag obair mar a tha Cobhair OpenOffice ag innse dhut, thoir sùil ach a bheil e 'ga chleachdadh leis an t-siostam obrachaidh agad mu thràth. Air neo 's urrainn dhut cha mhòr gach ath-ghoirid ann an OpenOffice atharrachadh. Airson barrachd fiosrachaidh mun chuspair seo, leugh Cobhair OpenOffice no na sgrìobhainnean cobharach am broinn an t-siostaim obrachaidh agad.

Glasadh fhaidhlichean

Tha glasadh fhaidhlichean an comas a ghnàth ann an OpenOffice. Feumaidh an daemon glasaidh airson cliantan NFS a bhith gnìomhach air lìonra a chleachdas am pròtacal Network File System (NFS). Gus glasadh fhaidhlichean a chur à comas, deasaich an sgriobt soffice agus atharraich an loidhne "export SAL_ENABLE_FILE_LOCKING" gu "# export SAL_ENABLE_FILE_LOCKING". Ma chuireas tu glasadh fhaidhlichean à comas, bidh cead sgrìobhaidh aig duine sam bith seach dìreach a' chiad duine a dh'fhosgail sgrìobhainn àraidh.

Rabhadh: Ma bhios glasadh fhaidhlichean an sàs, faodaidh gun adhbharaich seo duilgheadasan le Solaris 2.5.1. agus 2.7 air Linux NFS 2.0. Mas e siostam mar sin a tha agad, mholamaid dhut gu mòr gun seachainn thu glasadh fhaidhlichean. Mura seachainn, reothaidh OpenOffice nuair a dh'fhosglas tu faidhle o eòlaire air muin NFS o choimpiutair Linux.

Nòtaichean cudromach mu sho-inntrigeachd

Airson barrachd fiosrachaidh a thaobh feartan so-inntrigeachd ann an OpenOffice, thoir sùil air http://www.openoffice.org/access/

Taic nan cleachdaichean

Gheibh thu cobhair le OpenOffice air prìomh-làrach na taice http://support.openoffice.org/ . 'S mathaid gu bheil freagairt air do cheist mu thràth - feuch fòram na coimhearsnachd aig http://forum.openoffice.org no dèan lorg ann an tasglannan nan liostaichean-puist "users@openoffice.apache.org" aig http://openoffice.apache.org/mailing-lists.html. Air neo, 's urrainn dhut ceist a chur gu users@openoffice.apache.org. Tha stiùireadh air an duilleag seo a dh'innseas dhut mar a nì thu fo-sgrìobhadh (ach am faigh thu freagairtean): http://openoffice.apache.org/mailing-lists.html.

Thoir sùil air earrann nan CÀBHA cuideachd aig http://wiki.openoffice.org/wiki/Documentation/FAQ.

Ag aithris air bugaichean ┐ is duilgheadasan

Tha làrach OpenOffice a' cleachdadh BugZilla gus rian a chumail air duilgheadasan is fuasglaidhean. Tha sinn a' cur fàilte air duine sam bith aithris a dhèanamh air duilgheadasan ann. Cuidichidh e leinn gu mòr le leasachadh nam prògraman ma nithear aithris air duilgheadasan ann.

Gabh pàirt ann

B' fheairrde coimhearsnachd OpenOffice do com-pàirteachas gnìomhach ann an leasachadh a' phròiseict chudromach seo ann an saoghal bathar-bog le còd fosgailte.

Mar chleachdaiche, tha thu 'nad bhall cudromach ann am pròiseas leasachaidh a' bhathar seo mu thràth agus bu toigh leinn brosnachadh a thoirt dhut fiù pàirt nas motha a ghabhail, gu h-àraid air an ùine fhada. Nach gabh thu pàirt ann 's tu a' toirt sùil air duilleag a' chom-pàirteachais aig http://openoffice.apache.org/get-involved.html

Toiseach tòiseachaidh

Ma tha thu airson pàirt a ghabhail ann, 's fheairrde dhut pàirt a ghabhail air na liostaichean-puist. Faigh ballrachd air tè, cum sùil air cùisean greiseag no feuch na tasg-lannan airson seann chuspairean a-mach on latha a chaidh còd tùsail OpenOffice a sgaoileadh san Dàmhair 2000. Nuair a bhios misneachd gu leòr agad, cuir post-d gun liosta, mol an latha do chàch is gabh pàirt ann.

Fo-sgrìobh

Seo dhut cuid dhe na liostaichean-puist aig OpenOffice as urrainn dhut fo-sgrìobhadh annta http://openoffice.apache.org/mailing-lists.html

A' gabhail pàirt sa phròiseact

'S urrainn dhut taic mhòr a chumail ris a' phròiseict chudromach seo ann an saoghal bathar-bog le còd fosgailte, fiù mur eil ach beagan eòlais agad air dealbhadh bathar-bog no còdachadh. Seadh, thusa!

Gheibh thu foir-shealladh air na rudan as urrainn dhut pàirt a ghabhail annta air http://openoffice.apache.org/get-involved.html, eadar eadar-theangachadh, dearbhadh càileachd is taic dhan luchd-chleachdaidh agus còdachadh. Mur eil thu 'nad leasaichear, feuch am pròiseact treòrachaidh no margaideachd. Tha pròiseact margaideachd aig OpenOffice a' cur gu feum iomairtean tradaiseanta is guerilla gus bathar-bog le còd fosgailte a bhrosnachadh agus tha sinn a' dèanamh seo ann an iomadh cànan 's cultar. Cuidichidh tu fhèin fiù mura dèan thu ach innse do charaid mun phrògram seo.

'S urrainn dhut taic a chumail rinn 's tu a' gabhail pàirt air liosta na margaideachd marketing@openoffice.apache.org far a bheil cothrom conaltraidh leis na meadhanan, buidhnean riaghaltais, luchd-comhairleachaidh, sgoiltean, buidhnean Linux agus luchd-leasachaidh 'nad dhùthaich is 'nad choimhearsnachd ionadail.

Tha sinn an dòchas gun gabh thu tlachd 'nad obair le OpenOffice 4.1.7 agus gum faic sinn thu air loidhne.

Coimhearsnachd Apache OpenOffice